Part time
Support Worker (Early Learning & Childcare) (Gaelic) (11hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Plockton Primary School
Plockton Primary School · Plockton · Highland Council
Job description
Job DescriptionTiotal Dreuchd: Neach-obrach Taice (Tràth-ionnsachadh & Cùram-chloinne)Àite: Bun-Sgoil PlocktonUairean: 11 san t-seachdainÙine: Stèidhichte gu 01 Iuchar 2027Tuarastal: £6,970 - £7,163 per annum
Mar as trice, bidh am pàigheadh aig a’ chiad phuing dhen sgèile.
Tha iarrtasan bho luchd-labhairt na Gàidhlig riatanach.
Airson fiosrachadh mu bhith ag obair ann an TICC thoiribh sùil air childcarecareersscotland.scot/
Airson stiùireadh is beachdan mu dhreuchdan TICC ann an Comhairle na Gàidhealtachd cliogaibh an seo
Neach Fiosrachaidh: Melanie Sinclair Fòn: 01599 737800
Adhbhar Obrach: Obrachadh mar bhall èifeachdach den sgioba chùraim-chloinne, a’ toirt taic dhan Cheannard ann a bhith a’ lìbhrigeadh raon chleasan brosnachail ann an àrainneachd shàbhailte a choinnicheas ri feumalachdan chloinne agus an teaghlaichean. Nithear an obair a rèir phoileasaidhean, stiùiridhean agus mhodhan cleachdaidh Chomhairle na Gàidhealtachd.
Cuiribh a-steach IARRTAS AIR-LOIDHNE.
Tha Comhairle na Gàidhealtachd a’ tuigsinn gu bheil iomadachd a’ brosnachadh cruthachas is innleachdas. Tha dealas againn do cho-ionannachd chothroman agus do bhith cothromach is ion-ghabhalach.
Tha sinn a’ cur fàilte air iarrtasan bho dhaoine bho gach cùl-raon, a’ riochdachadh nan coimhearsnachdan a bhios sinn a’ frithealadh. Tha sinn gu sònraichte a’ cur fàilte air iarrtasan bho thagraichean a tha buailteach a bhith air am fo-riochdachadh nar feachd-obrach.
Mar fhastaiche a tha misneachail a thaobh ciorraim, tha sinn a’ toirt barantas gun toir sinn agallamh do gach tagraiche ciorramach a bhios a’ coinneachadh nan slatan-tomhais riatanach as lugha airson na dreuchd.
Mus tèid dreuchd a dhearbhadh, feumaidh tagraichean soirbheachail ballrachd a ghabhail ann an Sgeama Dìona nam Buidhnean So-leònte.
Mar as trice ’s ann tro phost-d a thèid fios a chur gu tagraichean air a’ gheàrr-liosta, mura h-eilear ag innse a chaochladh. Cumaibh sùil air ur puist-d, agus air a’ phasgan sgudailRequirementsTha an obair seo air a seòrsachadh mar dhreuchd riaghlaichte. Mar thoradh, math dh’fhaodte gum bi feum air Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis a rèir ur nàiseantachd agus an eachdraidh chòmhnaidheachd agaibh o chionn ghoirid. Gu sònraichte, bidh an dearbhadh seo riatanach mura h-eil sibh a’ coinneachadh an dà shlat-tomhais a leanas:
Feumaidh sibh a bhith nur nàiseanach dhen Rìoghachd Aonaichte no de aon de na dùthchannan a leanas: A’ Ghearmailt, Lituàinia, An Òlaind, Portagail, Romàinia, An Ungair, A’ Ghrèig, An Fhraing, Èirinn, An Eadailt, An Spàinn, no A’ Phòlainn.
Chan fhaod sibh a bhith air fuireach no air a bhith ag obair taobh a-staigh dùthaich sam bith taobh a-muigh na RA no nan dùthchannan a tha air an liostadh gu h-àrd airson barrachd air trì mìosan, fhad ’s a bha sibh aois 18 bliadhna no na bu shine, taobh a-staigh nan còig bliadhna a chaidh seachad.
Thoiribh an aire gur e an dleastanas agaib’ fhèin a th’ ann an Sgrùdadh Clàr Eucorach Thall Thairis fhaotainn, agus bidh agaibh ri cosgaisean riatanach sam bith a phàigheadh.
Apply now
Applications are handled on MyJobScotland. UKTeachingJobs is free for jobseekers and never asks you to pay or register to apply.
About this school
Location
Loading map…
Plockton Primary School, Plockton, IV52 8TW
Advertisement
More jobs in Highland Council
View all →Early Years Practitioner (19hpw), Kinlochleven Primary School
Kinlochleven Primary School · Lochaber
£12,830 – £15,592 a yearCloses 14 September 2026
Assistant Youth Worker (Casual) (5 Posts), MacPhail Centre, Ullapool & Assynt Leisure, Lochinver
Highland Area · Highland
£15 HOURCloses 14 September 2026
Support Worker (Early Learning & Childcare) (3 Posts) (30hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Family Centre, Inverness (
The Merkinch Family Centre · Inverness
£19,011 – £19,536 a yearCloses 14 September 2026
Pupil Support Assistant 1 (11.25hpw) (Fixed Term until 01 July 2027), Kyleakin Primary School
Kyleakin Primary School · Isle of Skye
£7,411 – £8,113 a yearCloses 14 September 2026
Non-Teaching Casual Posts, South Area (Inverness, Nairn, Badenoch & Strathspey)
Inverness Area · Inverness
£14 – £18 HOURCloses 14 September 2026
Non-Teaching Casual Posts, North Area (Caithness & Sutherland)
Caithness Area · Caithness
£14 – £18 HOURCloses 14 September 2026
Advertisement
- Salary
- £6,970 – £7,163 a year
- Working pattern
- Part time
- Employer
- Highland Council
- Posted
- 31 August 2026
- Closing date
- 14 September 2026
Not the one for you?
Keep looking — there are plenty more teaching jobs in Scotland.
Browse all teaching jobs in Scotland